Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 30:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir cha do ghlan mòran den t‑sluagh, mòran de Ephraim, agus de Mhanaseh, de Isachar, agus de Shebulun iad fhèin; gidheadh, dh’ith iad a’ chàisg, cha b’ann mar a tha e sgrìobhte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Abrahàm ùrnaigh ri Dia: agus leighis Dia Abimelech agus a bhean agus a bhanoglaich; agus rug iad clann.

A‑nis, matà, thoir air a h‑ais don duine a bhean; oir is fàidh e, agus nì e ùrnaigh air do shon, agus bidh tu beò: ach mura toir thu air a h‑ais i, biodh fhios agad gum faigh thu bàs gu cinnteach, thu fhèin agus gach uile as leat.

Anns an nì seo gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach, nuair a thèid mo thighearna a‑steach do thaigh Rimoin a dhèanamh adhraidh an sin, agus a leigeas e a thaic air mo làimh-sa, agus a chromas mise mi fhèin sìos ann an taigh Rimoin, gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach anns an nì seo.

Gidheadh, dh’irioslaich daoine àraidh de Aser, de Mhanaseh, agus de Shebulun iad fhèin, agus thàinig iad gu Ierusalem.

Agus rinn coitheanal Iùdah uile gàirdeachas, agus na sagartan, agus na Lèbhithich, agus an coitheanal uile a thàinig à Israel, agus na coigrich a thàinig à tìr Israeil, agus a bha a chòmhnaidh ann an Iùdah.

Agus thàinig iad gu Hilciah an t‑àrd-shagart, agus thugadh dhaibh an t‑airgead a thugadh a‑steach do thaigh Dhè, a chruinnich na Lèbhithich a ghlèidh na dorsan o làimh Mhanaseh agus Ephraim, agus o uile fhuidheall Israeil, agus o Iùdah uile, agus o Bheniàmin, agus o luchd-àiteachaidh Ierusaleim.

Eisd air an adhbhar sin ri athchuinge do sheirbhisich, agus do sluaigh Israeil, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo; agus èisd thusa od àite-còmhnaidh, o na nèamhan; agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh.

Is math thusa, agus nì thu math; teagaisg dhomh do reachdan.

Is math agus is dìreach an Tighearna; uime sin teagaisgidh e peacaich anns an t‑slighe.

A Thighearna, anns na nèamhan tha do thròcair; tha d’fhìrinn gu ruig na neòil.

Oir tha thusa, a Thighearna, math agus iochdmhor, agus pailt ann an tròcair dhaibhsan uile a ghairmeas ort.

O Thighearna, èisd; O Thighearna, maith; O Thighearna, cluinn agus dèan; na dèan moille, air do shon fhèin, O mo Dhia: oir tha do chathair agus do shluagh air an gairm air d’ainm.

Agus nuair a chuala Maois sin, bha e toilichte.

Ach an duine a bhios neòghlan, agus nach glan e fhèin, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a’ cho-chruinneachaidh, a chionn gun do thruaill e ionad naomh an Tighearna: cha do chrathadh uisge-dealachaidh air; tha e neòghlan.

Agus thubhairt na daoine sin ris, Tha sinne air ar salachadh le corp duine mhairbh: carson a chumar air ar n‑ais sinn, a‑chum is nach faod sinn tabhartas an Tighearna a thoirt seachad na àm suidhichte fhèin am measg chloinn Israeil?

Ach ceasnaicheadh duine e fhèin, agus mar sin itheadh e den aran seo, agus òladh e den chupan seo:

Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan