Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 30:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den dara mìos; agus bha nàire air na sagartan agus air na Lèbhithich, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thug iad a‑steach ìobairtean-loisgte do thaigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnich iad am bràithrean, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thàinig iad a rèir àithne an rìgh ann am briathran an Tighearna, a ghlanadh taigh an Tighearna.

Agus b’e àireamh nan tabhartas-loisgte a thug an coitheanal leo, trì-fichead agus deich tairbh òga, ceud reithe, dà cheud uan; iad sin uile a‑chum ìobairt-loisgte don Tighearna.

Ach bha na sagartan tearc, agus cha b’urrainn iad na tabhartasan loisgte uile fhionnadh: uime sin chuidich am bràithrean na Lèbhithich leo, gus an do chrìochnaicheadh an obair, agus gus an do naomhaich na sagartan iad fhèin: oir bha na Lèbhithich na bu deise nan cridhe a‑chum iad fhèin a naomhachadh na na sagartan.

Agus chruinnich ann an Ierusalem mòran sluaigh, a chumail fèill an arain neo-ghortaichte anns an dara mìos, co‑chruinneachadh ro‑mhòr.

Agus ghabh an rìgh comhairle, agus a uachdarain, agus an coitheanal uile ann an Ierusalem, a’ chàisg a chumail air an dara mìos.

Oir thug Heseciah rìgh Iùdah suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus seachd mìle caora; agus thug na h‑uachdarain suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus deich mìle caora: agus naomhaich mòran shagart iad fhèin.

Oir cha b’urrainn iad a cumail anns an àm sin, a chionn nach do naomhaich na sagartan iad fhèin gu leòr, agus nach robh an sluagh air cruinneachadh gu Ierusalem.

Agus do àireamh an cloinne bige uile a rèir an ginealaichean, am ban, agus am mac, agus an nigheanan den choitheanal uile: oir nan cùram naomhaich iad iad fhèin gu mòr:

Agus marbhaibh a’ chàisg, agus naomhaichibh sibh fhèin, agus deasaichibh ur bràithrean, a‑chum gun dèan iad a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.

Agus nuair a thàinig na sagartan a‑mach as an ionad naomh (oir naomhaicheadh na sagartan uile a bha an làthair: cha robh iad a’ feitheamh anns an àm sin a rèir an roinnean:

Oir ghlanadh na sagartan agus na Lèbhithich le chèile: bha iad uile glan, agus mharbh iad a’ chàisg do chloinn a’ bhraighdeanais uile, agus dam bràithrean, na sagartan, agus dhaibh fhèin.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich iad an‑diugh, agus a‑màireach, agus nigheadh iad an aodach.

Agus mar an ceudna, na sagartan a thig am fagas don Tighearna, naomhaicheadh iad iad fhèin, air eagal gum bris an Tighearna a‑mach orra.

Anns a’ cheathramh-là‑deug den dara mìos air feasgar cumaidh iad i: le aran neo-ghortaichte, agus le lusan searbha ithidh iad i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan