Agus dh’èirich iad, agus thug iad air falbh na h‑altairean a bha ann an Ierusalem, agus na h‑altairean uile airson tùise thug iad air falbh, agus thilg iad iad ann an sruth Chidroin.
Agus ghuil an tìr uile le guth àrd, agus chaidh an sluagh uile thairis; chaidh an rìgh cuideachd thairis air sruth Chidroin, agus chaidh an sluagh uile thairis an làimh na slighe don fhàsach.
Ach ma their sibh rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa: nach e seo esan, a chuir Heseciah air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus a thubhairt ri Iùdah agus ri Ierusalem, fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh ann an Ierusalem?
Agus mar an ceudna a‑thaobh Mhaachah, màthair rìgh Asa, chuir e i o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus gheàrr Asa sìos a dealbh uamhasach, agus mhìn-phronn e e, agus loisg e e aig sruth Chidroin.
Agus chruinnich Ahas soithichean taigh Dhè, agus gheàrr e nam mìrean soithichean taigh Dhè, agus dhruid e dorsan taigh an Tighearna. Agus rinn e dha fhèin altairean anns gach ceàrn de Ierusalem.
Agus chaidh na sagartan don chuid a b’fhaide a‑staigh de thaigh an Tighearna ga ghlanadh, agus thug iad a‑mach gach salchar a fhuair iad ann an teampall an Tighearna, gu cùirt taigh an Tighearna. Agus thog na Lèbhithich leo e, gu a thoirt a‑mach gu sruth Chidroin.
Nach do chuir Heseciah seo fhèin air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus nach d’àithn e do Iùdah agus do Ierusalem, ag ràdh, Fa chomhair aon altarach sleuchdaidh sibh, agus loisgidh sibh tùis oirre?
Oir anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh nuair a bha e fhathast òg, thòisich e air Dia Dhaibhidh a athair iarraidh, agus anns an dara-bliadhna-deug thòisich e air Iùdah agus Ierusalem a ghlanadh o na h‑àitean àrda, agus na doireachan, agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte.
Agus bhris iad sìos altairean Bhàalim na fhianais, agus na dealbhan grèine a bha gu h‑àrd os an cionn gheàrr e sìos, agus na doireachan; agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte bhris e nam mìrean, agus phronn e gu luaithre, agus chrath e i air uaighean na muinntir a dh’ìobair dhaibh.
Agus nuair a bhris e sìos na h‑altairean agus na doireachan, agus a phronn e na dealbhan snaidhte gu luaithre, agus a gheàrr e sìos na dealbhan grèine uile air feadh tìr Israeil uile, thill e gu Ierusalem.
Ach ma their thu rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa; nach e sin esan a chuir Heseciah air falbh a ionadan àrda agus a altairean; agus thubhairt e ri Iùdah agus ri Ierusalem, Fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh?
Nuair a labhair Iosa na briathran seo, chaidh e maille ra dheisciobail thairis air sruth Chedroin, far an robh lios, don deachaidh e fhèin agus a dheisciobail.