Gu cinnteach cha do chumadh a leithid seo de chàisg o làithean nam britheamhan a thug breith air Israel, no ann an uile làithean rìghrean Israeil, no rìghrean Iùdah:
Agus dh’èirich iad, agus thug iad air falbh na h‑altairean a bha ann an Ierusalem, agus na h‑altairean uile airson tùise thug iad air falbh, agus thilg iad iad ann an sruth Chidroin.
Agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den dara mìos; agus bha nàire air na sagartan agus air na Lèbhithich, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thug iad a‑steach ìobairtean-loisgte do thaigh an Tighearna.
Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma bhios duine sam bith dhibh, no de ur sliochd, air a shalachadh le corp marbh, no ma bhios e air thuras fad air astar, gidheadh cumaidh e a’ chàisg don Tighearna.