Agus chruinnich iad am bràithrean, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thàinig iad a rèir àithne an rìgh ann am briathran an Tighearna, a ghlanadh taigh an Tighearna.
Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.
Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia ar n‑athraichean, a chuir mar seo ann an cridhe an rìgh, a dhèanamh maiseach taigh an Tighearna, a tha ann an Ierusalem;
Agus bheir mi dhaibh cridhe gum aithneachadh, gur mi an Tighearna; agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia; oir tillidh iad am ionnsaigh len uile chridhe.
Bheir mi fòs dhuibh cridhe nuadh, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a‑staigh dhibh; agus buinidh mi air falbh an cridhe cloiche as ur feòil, agus bheir mi dhuibh cridhe feòla.
Cha chuir sibh a’ bheag ris an fhacal a tha mise ag àithneadh dhuibh, cha mhò a bheir sibh nì sam bith uaithe, a‑chum is gun glèidh sibh àitheantan an Tighearna ur Dia, a tha mise ag àithneadh dhuibh.
Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile-san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair-san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.