Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 30:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, dh’irioslaich daoine àraidh de Aser, de Mhanaseh, agus de Shebulun iad fhèin, agus thàinig iad gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus ann an Ierusalem ghabh còmhnaidh de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin, agus de chloinn Ephraim, agus Mhanaseh:

Agus nan dèidh-san thàinig a‑mach a uile threubhan Israeil iadsan a shocraich an cridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dia Israeil, gu Ierusalem, a dh’ìobradh don Tighearna Dia an athraichean.

Agus nuair a dh’irioslaich e e fhèin, thionndaidh corraich an Tighearna uaithe, a‑chum nach sgriosadh e e gu tur. Agus mar an ceudna ann an Iùdah bha nithean gu math.

Oir cha do ghlan mòran den t‑sluagh, mòran de Ephraim, agus de Mhanaseh, de Isachar, agus de Shebulun iad fhèin; gidheadh, dh’ith iad a’ chàisg, cha b’ann mar a tha e sgrìobhte.

Agus chùm clann Israeil a bha an làthair ann an Ierusalem fèill an arain neo-ghortaichte seachd làithean le mòr-ghàirdeachas: agus mhol na Lèbhithich agus na sagartan an Tighearna o là gu là, a’ seinn le innealan fuaimneach don Tighearna.

Agus rinn coitheanal Iùdah uile gàirdeachas, agus na sagartan, agus na Lèbhithich, agus an coitheanal uile a thàinig à Israel, agus na coigrich a thàinig à tìr Israeil, agus a bha a chòmhnaidh ann an Iùdah.

Agus nuair a bha e ann an àmhghar dh’iarr e an Tighearna a Dhia, agus dh’irioslaich e e fhèin gu mòr am fianais Dia a athraichean.

A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear-seallaidh.

Agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais an Tighearna, mar a dh’irioslaich Manaseh a athair e fhèin; ach mheudaich Amon easaontas.

A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair-sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:

Agus thusa a mhac, O Bhelsasair, cha d’ìslich thu do chridhe, ged bha fhios agad air seo uile:

Agus gun do ghluais mise mar an ceudna nan aghaidh-san, agus gun tug mi iad do dhùthaich an naimhdean; ma bhios an sin an cridhe neo-thimcheall-gheàrrte air irioslachadh, air chor is gun gabh iad ri peanas an aingidheachd:

Oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Gidheadh lean cuid de dhaoine ris, agus chreid iad. Nam measg seo bha Dionisius an t‑Areopagach, agus bean dom b’ainm Damaris, agus dream eile maille riu.

Irioslaichibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh.

Uime sin irioslaichibh sibh fhèin fo làimh chumhachdaich Dhè, a‑chum is gun àrdaich e sibh ann an àm iomchaidh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan