Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 30:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh na gillean-ruith thairis o bhaile gu baile, air feadh tìr Ephraim agus Mhanaseh, eadhon gu ruig Sebulun: ach bha iad a’ fanaid orra, agus a’ dèanamh ball-magaidh dhiubh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Lot a‑mach, agus labhair e ra chleamhnan, a phòs a nigheanan, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach as an àite seo, oir tha an Tighearna gus am baile seo a sgrios. Ach bha e mar neach a bha ri fanaid ann an sùilean a chleamhnan.

Agus chaidh na gillean-ruith le litrichean on rìgh agus o a uachdarain air feadh Israeil uile agus Iùdah, agus a rèir àithne an rìgh, ag ràdh, A chlann Israeil, tillibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, agus tillidh esan a dh’ionnsaigh na fuidhill dhibh a chaidh as o làimh rìghrean Asiria.

Agus thàinig iad gu Hilciah an t‑àrd-shagart, agus thugadh dhaibh an t‑airgead a thugadh a‑steach do thaigh Dhè, a chruinnich na Lèbhithich a ghlèidh na dorsan o làimh Mhanaseh agus Ephraim, agus o uile fhuidheall Israeil, agus o Iùdah uile, agus o Bheniàmin, agus o luchd-àiteachaidh Ierusaleim.

Ach rinn iadsan fanaid air teachdairean Dhè, agus rinn iad dìmeas air a bhriathran, agus rinn iad tarcais air a fhàidhean, gus an d’èirich fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh air chor is nach robh leigheas ann.

Ach nuair a chuala Sanbalat an t‑Horonach, agus Tobiah an seirbhiseach an t‑Amonach, agus Gesem an t‑Arabach e, rinn iad gàire fanaid oirnn, agus rinn iad tàir oirnn, agus thubhairt iad, Ciod an nì seo a tha sibh a’ dèanamh? An dèan sibh ceannairc an aghaidh an rìgh?

Agus chuireadh na litrichean le làimh ghillean-ruith gu uile mhòr-roinnean an rìgh, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do na h‑Iùdhaich uile, eadar òg agus shean, chlann bheag agus mhnathan, ann an aon là, air an treas-là‑deug den dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), agus am feudail a thogail mar chreich.

Chaidh na gillean-ruith a‑mach, air an greasadh le àithne an rìgh; agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt: agus shuidh an rìgh agus Hàman sìos a dh’òl; ach bha am baile Susan fo amhluadh.

Agus sgrìobh e ann an ainm an rìgh Ahasuerus, agus sheulaich e le fàinne an rìgh, agus chuir e litrichean le làimh theachdairean air eich, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, sliochd nan capall;

Chaidh na teachdairean a‑mach, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, le cabhaig, agus iad air an greasad le àithne an rìgh: agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt.

Mar neach a tha na bhall-magaidh aig a charaid tha mise, a ghairmeas air Dia, agus freagraidh e e: na bhall-fochaid tha an duine ceart ionraic.

Bha mo làithean na bu luaithe na gille-ruith: theich iad air falbh, chan fhaca iad math.

Agus thubhairt an rìgh Sedeciah ri Ieremiah, Tha eagal nan Iùdhach orm, a theich a‑chum nan Caldèanach, gun toir iad thairis mi don làmhan, agus gun dèan iad fanaid orm.

Agus chuala na Pharasaich, a bha sanntach, na nithean sin uile: agus rinn iad fanaid air.

Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè.

Agus rinn iad gàire fanaid ris, do bhrìgh gu robh fhios aca gu robh i marbh.

Agus nuair a chuala iad mu aiseirigh nam marbh, rinn cuid dhiubh fanaid; ach thubhairt cuid eile, Eisdidh sinn riut a‑rìs mun nì seo.

Fhuair dream eile deuchainn de fhanaidean, agus de sgiùrsaidhean, seadh fòs, de ghèimhlean agus de phrìosan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan