Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 30:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Heseciah fios gu Israel uile agus gu Iùdah, agus mar an ceudna sgrìobh e litrichean gu Ephraim agus gu Manaseh, iad a theachd gu taigh an Tighearna ann an Ierusalem, a chumail na càisge don Tighearna Dia Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Gu cinnteach cha do chumadh a leithid seo de chàisg o làithean nam britheamhan a thug breith air Israel, no ann an uile làithean rìghrean Israeil, no rìghrean Iùdah:

Agus thàinig na sagartan agus na Lèbhithich, a bha ann an Israel uile, da ionnsaigh as an crìochan uile:

Agus nan dèidh-san thàinig a‑mach a uile threubhan Israeil iadsan a shocraich an cridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dia Israeil, gu Ierusalem, a dh’ìobradh don Tighearna Dia an athraichean.

Ach thàinig duine le Dia da ionnsaigh, ag ràdh, A rìgh, na rachadh armailt Israeil maille riut: oir chan eil an Tighearna maille ri Israel, eadhon maille ri cloinn Ephraim uile.

Agus mharbh na sagartan iad, agus chrath iad am fuil air an altair a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil uile: oir dh’àithn an rìgh an ìobairt-loisgte agus an ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile.

Agus rinn Heseciah agus an sluagh uile gàirdeachas, a chionn gun do dheasaich Dia airson an t‑sluaigh: oir rinneadh an nì gu grad.

Agus ghabh an rìgh comhairle, agus a uachdarain, agus an coitheanal uile ann an Ierusalem, a’ chàisg a chumail air an dara mìos.

Agus marbhaibh a’ chàisg, agus naomhaichibh sibh fhèin, agus deasaichibh ur bràithrean, a‑chum gun dèan iad a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.

A‑nis is iad seo briathran na litreach a chuir am fàidh Ieremiah o Ierusalem gus a’ chuid eile de na seanairean a thugadh air falbh ann am braighdeanas, agus gus na sagartan, agus gus na fàidhean, agus gus an uile shluagh a thug Nebuchadnesar air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem gu Bàbilon;

Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.

Cha dealbh iad an dèanadas gu tilleadh a‑chum an Dè: oir tha spiorad strìopachais nam meadhon, agus air an Tighearna cha do ghabh iad eòlas.

Oir bha clann Iòseiph nan dà threubh, Manaseh agus Ephraim: uime sin cha tug iad roinn sam bith do na Lèbhithich anns an fhearann, saor o bhailtean gu còmhnaidh a ghabhail annta, maille rim fearann co‑roinn dan sprèidh, agus dam maoin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan