Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 3:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e an taigh as ro‑naoimhe: a fhad a rèir leud an taighe, fichead làmh-choille, agus a leud fichead làmh-choille: agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, a thàinig gu sia ceud tàlann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thog e fichead làmh-choille ri taobhan an taighe le clàir seudair, on ùrlar gu ruig mullach nam ballachan; agus thog e dha iad air an taobh a‑staigh, eadhon don ghuth-àit, don ionad ro‑naomh.

Agus crochaidh tu suas am brat fo na cromagan, agus bheir thu a‑steach ann an sin àirc na Fianais, an taobh a‑staigh den bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhse eadar an t‑ionad naomh agus an t‑ionad ro‑naomh.

Mar sin thomhais e a fhad fichead làmh-choille, agus an leud fichead làmh-choille, fa chomhair aghaidh an teampaill; agus thubhairt e rium, Is e seo an t‑ionad ro‑naomh.

Uime sin, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil dànachd againn gu dol a‑steach don ionad as naoimhe tre fhuil Iosa,

Agus an taobh a‑staigh den dara roinn-bhrat, am pàillean ris an abrar an t‑ionad as ro‑naoimhe;

Nì a bha na shamhladh don aimsir a tha an làthair, anns an robh araon tìodhlacan agus ìobairtean air an toirt suas, nach robh comasach air an tì a bha a’ dèanamh na seirbhis sin a dhèanamh coileanta, a‑thaobh a chogais,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan