Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sgeadaich e an taigh le clachan uasal air sgàth sgèimhe; agus b’e an t‑òr òr Pharbhaim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

A‑nis lem uile neart dh’ullaich mise fa chomhair taigh mo Dhè, an t‑òr a‑chum nithean de òr, agus an t‑airgead a‑chum nithean de airgead, agus an t‑umha a‑chum nithean de umha, agus an t‑iarann a‑chum nithean de iarann, agus am fiodh a‑chum nithean de fhiodh; clachan onics, agus clachan rin cur, clachan loinnreach, agus de iomadh dath, agus gach uile ghnè chlach luachmhor, agus clachan marmoir ann am pailteas.

Agus ge bè aig an d’fhuaireadh clachan luachmhor, thug iad seachad iad do ionmhas taigh an Tighearna, le làimh Iehieil an Gersonach.

Agus an taigh mòr chòmhdaich e le fiodh giuthais, agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, agus thug e air craobhan-pailme èirigh suas air, agus slabhraidhean.

Agus chòmhdaich e thairis an taigh, na sailthean, na puist, agus a bhallachan, agus a dhorsan, le òr; agus gheàrr e ceruban air na ballachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan