Agus anns a’ cheathramh ceud agus an ceathramh-fichead bliadhna o theachd chloinn Israeil a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns a’ cheathramh bliadhna de rìoghachadh Sholaimh os cionn Israeil, anns a’ mhìos Siph, (is e sin an dara mìos,) thòisich e air taigh a thogail don Tighearna.
Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.
Agus is iad seo na nithean a shuidhicheadh le Solamh a‑chum taigh Dhè a thogail: am fad ann an làmhan-coille, a rèir a’ chiad tomhais, trì-fichead làmh-choille, agus an leud fichead làmh-choille.