Agus rinn e slabhraidhean, mar anns a’ ghuth-àite, agus chuir e iad air mullach nam post; agus rinn e ceud pomgranat, agus chuir e iad air na slabhraidhean.
Agus chòmhdaich Solamh an taigh a‑staigh le òr fìorghlan: agus rinn e balla-dealachaidh le slabhraidhean òir air beulaibh a’ ghuth-àit, agus chòmhdaich e le òr e.
Agus bha cinn air an dà phost mar an ceudna gu h‑àrd, làimh ris a’ bhalg a bha air an taobh thall den lìon-obair: agus bha dà cheud pomgranat ann, nan sreathan mun cuairt air a’ cheann eile.
Agus rinn e air beulaibh an taighe dà phost còig-làmhan-coille-deug ar fhichead air àirde, agus an ceann a bha air mullach gach aoin dhiubh còig làmhan-coille.
Agus chuir e suas na puist air beulaibh an teampaill, aon air an làimh dheis, agus aon air an làimh chlì. Agus thug e Iachin mar ainm air a’ phost air an làimh dheis, agus Bòas mar ainm a’ phost air an làimh chlì.
Eadhon an dà phost, agus na cuairtean, agus na cinn a bha air mullach an dà phuist, agus an dà lìon-obair a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air mullach nam post: