Mar an ceudna dhruid iad dorsan an sgàth-thaighe, agus chuir iad as na lòchrain, agus cha do loisg iad tùis, agus cha tug iad ìobairtean-loisgte suas anns an ionad naomh, do Dhia Israeil.
Agus chruinnich Ahas soithichean taigh Dhè, agus gheàrr e nam mìrean soithichean taigh Dhè, agus dhruid e dorsan taigh an Tighearna. Agus rinn e dha fhèin altairean anns gach ceàrn de Ierusalem.
Gu cinnteach druidear na dorsan nur n‑aghaidh; agus chan fhadaidh sibh teine air m’altair-sa gu dìomhain. Chan eil tlachd air bith agam annaibh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cha mhò a ghabhas mi tabhartas air bith o ur làimh.