Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Eisdibh rium, a Lèbhitheacha; a‑nis naomhaichibh sibh fhèin, agus naomhaichibh taigh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus thugaibh a‑mach an salchar as an ionad naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e riu, Is sibhse cinn athraichean nan Lèbhitheach: naomhaichibh sibh fhèin, sibhse agus ur bràithrean, a‑chum gun toir sibh suas àirc an Tighearna Dia Israeil, a dh’ionnsaigh an àit a dh’ullaich mise dhi:

Ach bha na sagartan tearc, agus cha b’urrainn iad na tabhartasan loisgte uile fhionnadh: uime sin chuidich am bràithrean na Lèbhithich leo, gus an do chrìochnaicheadh an obair, agus gus an do naomhaich na sagartan iad fhèin: oir bha na Lèbhithich na bu deise nan cridhe a‑chum iad fhèin a naomhachadh na na sagartan.

Agus thug e a‑steach na sagartan agus na Lèbhithich, agus chruinnich e iad don t‑sràid an ear.

Agus marbhaibh a’ chàisg, agus naomhaichibh sibh fhèin, agus deasaichibh ur bràithrean, a‑chum gun dèan iad a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.

Agus ghlan na sagartan agus na Lèbhithich iad fhèin, agus ghlan iad an sluagh, agus na geatachan, agus am balla.

Agus dh’àithn mi, agus ghlan iad na seòmraichean: agus thug mi air an ais an sin soithichean taigh Dhè, an tabhartas-bìdh agus an tùis.

Tha do theisteis ro‑fhìor; dod thaigh-sa is iomchaidh naomhachd, a Thighearna, gu bràth.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich iad an‑diugh, agus a‑màireach, agus nigheadh iad an aodach.

Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Bithibh deas air cheann an treas là: na tigibh am fagas dur mnathan.

An sin crathaidh mi uisge glan oirbh, agus bidh sibh glan; o ur n‑uile shalchar, agus o ur n‑uile iodhalan glanaidh mi sibh.

Agus chuir e a‑mach cumachd làimhe, agus ghlac e mi air dual dem cheann, agus thog an spiorad suas mi eadar talamh agus nèamh, agus thug e mi ann an taisbeanaidhean Dhè gu Ierusalem, gu doras a’ gheata as fhaide a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird a tuath, far an robh àite ìomhaigh an eud, a bhrosnaicheas gu eud.

Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, am faic thu ciod a tha iad a’ dèanamh? Na gràinealachdan mòra a tha taigh Israeil a’ cur an gnìomh an seo, a‑chum gun rachainn-sa am fad om naomh-ionad? Ach till fhathast, chì thu gràinealachdan as mò.

Cruinnichibh an sluagh, naomhaichibh an coitheanal; gairmibh na seanairean; tionailibh a’ chlann, agus iadsan a tha a’ deoghail na cìche: rachadh am fear nuadh-pòsda a‑mach as a sheòmar, agus a’ bhean nuadh-phòsda a‑mach as a seòmar uaigneach.

Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan