Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug e a‑steach na sagartan agus na Lèbhithich, agus chruinnich e iad don t‑sràid an ear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Anns a’ chiad bhliadhna de a rìoghachadh, air a’ chiad mhìos, dh’fhosgail e dorsan taigh an Tighearna, agus chàraich e iad.

Agus thubhairt e riu, Eisdibh rium, a Lèbhitheacha; a‑nis naomhaichibh sibh fhèin, agus naomhaichibh taigh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus thugaibh a‑mach an salchar as an ionad naomh.

Agus chuir e ceannardan-cogaidh os cionn an t‑sluaigh, agus chruinnich e iad da ionnsaigh ann an sràid geata a’ bhaile, agus labhair e rin cridhe, ag ràdh,

Nan dèidh-san chàraich Sadoc mac Imeir, fa chomhair a thaighe: agus na dhèidh-san chàraich Semaiah, mac Shechaniah, fear-gleidhidh an dorais an ear.

Agus thèid thu a‑mach gu gleann mac Hinoim, a tha fa chomhair a’ gheata Harsit, agus glaodhaidh tu anns an àite sin na briathran a labhras mise riut;

Agus gabhaidh iad clachan eile, agus cuiridh iad ann an àite nan clach ud iad; agus gabhaidh e criadh eile, agus còmhdaichidh e thairis an taigh leatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan