Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mar an ceudna bha na tabhartasan loisgte ann am pailteas, maille ri saill nan tabhartas-sìthe agus nan tabhartas-dibhe, a‑chum na h‑ìobairt-loisgte. Agus dheasaicheadh seirbhis taigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Iàcob suas carragh anns an àit anns an do labhair e ris, carragh cloiche, agus dhòirt e tabhartas-dibhe air, agus dhòirt e ola air.

Agus b’e àireamh nan tabhartas-loisgte a thug an coitheanal leo, trì-fichead agus deich tairbh òga, ceud reithe, dà cheud uan; iad sin uile a‑chum ìobairt-loisgte don Tighearna.

Agus rinn Heseciah agus an sluagh uile gàirdeachas, a chionn gun do dheasaich Dia airson an t‑sluaigh: oir rinneadh an nì gu grad.

Agus shuidhich iad na sagartan nan roinnean, agus na Lèbhithich nan sealan, airson seirbhis Dhè, a tha ann an Ierusalem; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois.

Agus gabhaidh tu an t‑saill uile a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus loisgidh tu iad air an altair.

Agus is e a thabhartas-bìdh dà dheicheamh earrainn de fhlùr mìn measgte le ola, tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna, a‑chum fàile chùbhraidh: agus bidh a thabhartas-dibhe de fhìon, an ceathramh cuid de hin.

Bidh e na reachd bithbhuan dur ginealaichean air feadh ur n‑àiteachan-còmhnaidh uile, nach ith sibh saill no fuil sam bith.

Dèanar na h‑uile nithean gu deagh-mhaiseach, agus a rèir òrdaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan