Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bha na sagartan tearc, agus cha b’urrainn iad na tabhartasan loisgte uile fhionnadh: uime sin chuidich am bràithrean na Lèbhithich leo, gus an do chrìochnaicheadh an obair, agus gus an do naomhaich na sagartan iad fhèin: oir bha na Lèbhithich na bu deise nan cridhe a‑chum iad fhèin a naomhachadh na na sagartan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, ann an treas-bliadhna-fichead rìgh Iehoais, cha do chàraich na sagartan briseadh an taighe.

Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.

Agus na nithean coisrigte, sia ceud damh, agus trì mìle caora.

Agus thubhairt e riu, Eisdibh rium, a Lèbhitheacha; a‑nis naomhaichibh sibh fhèin, agus naomhaichibh taigh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus thugaibh a‑mach an salchar as an ionad naomh.

Agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den dara mìos; agus bha nàire air na sagartan agus air na Lèbhithich, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thug iad a‑steach ìobairtean-loisgte do thaigh an Tighearna.

Oir thug Heseciah rìgh Iùdah suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus seachd mìle caora; agus thug na h‑uachdarain suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus deich mìle caora: agus naomhaich mòran shagart iad fhèin.

Oir cha b’urrainn iad a cumail anns an àm sin, a chionn nach do naomhaich na sagartan iad fhèin gu leòr, agus nach robh an sluagh air cruinneachadh gu Ierusalem.

Agus mharbh iad a’ chàisg, agus chrath na sagartan an fhuil len làimh, agus dh’fhionn na Lèbhithich.

Oir ghlanadh na sagartan agus na Lèbhithich le chèile: bha iad uile glan, agus mharbh iad a’ chàisg do chloinn a’ bhraighdeanais uile, agus dam bràithrean, na sagartan, agus dhaibh fhèin.

Nighidh mi mo làmhan ann an neochiontas, agus cuartaichidh mi d’altair, a Thighearna,

Is e Dia mo sgiath, a shaoras iadsan a tha ceart ann an cridhe.

Ach tillidh breitheanas ri ceartas, agus leanaidh iadsan uile a tha ionraic nan cridhe e.

Gidheadh bidh iad nan luchd-frithealaidh ann am ionad naomh, air am bi cùram geatachan an teampaill, agus a bhios a’ frithealadh don teampall: marbhaidh iad an tabhartas-loisgte agus an ìobairt airson an t‑sluaigh, agus seasaidh iad nan làthair gu frithealadh dhaibh:

Agus gleidhidh iad do chùram-sa, agus cùram a’ phàillein uile: a‑mhàin cha tig iad am fagas do shoithichean an ionaid naoimh agus don altair, a‑chum is nach faigh aon chuid iadsan no sibhse bàs.

Agus na dhèidh sin thèid na Lèbhitich a‑steach a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus glanaidh tu iad, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte:

Agus thug mi na Lèbhitich mar thìodhlac do Aaron, agus da mhic, o mheasg chloinn Israeil, a dhèanamh seirbhis chloinn Israeil ann am pàillean a’ choitheanail, agus a dhèanamh rèite airson chloinn Israeil; a‑chum is nach bi plàigh sam bith am measg chloinn Israeil, nuair a thig clann Israeil am fagas don ionad naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan