Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’e àireamh nan tabhartas-loisgte a thug an coitheanal leo, trì-fichead agus deich tairbh òga, ceud reithe, dà cheud uan; iad sin uile a‑chum ìobairt-loisgte don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh an rìgh do Ghibeon a dh’ìobradh an sin, oir b’e sin am mòr-àit àrd: mìle ìobairt-loisgte thug Solamh suas air an altair sin.

Agus dh’ìobair Solamh ìobairt thabhartas-sìthe, a dh’ìobair e don Tighearna, dà mhìle ar fhichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: mar sin choisrig an rìgh, agus clann Israeil uile, taigh an Tighearna.

Agus dh’ìobair iad ìobairtean don Tighearna, agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte don Tighearna air an là màireach an dèidh an là sin, eadhon mìle tarbh, mìle reithe, agus mìle uan, len tabhartasan-dibhe, agus ìobairtean ann am pailteas airson Israeil uile;

An sin fhreagair Heseciah, agus thubhairt e, A‑nis choisrig sibh sibh fhèin don Tighearna: thigibh am fagas, agus thugaibh leibh ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais do thaigh an Tighearna. Agus thug an coitheanal a‑steach ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais, agus iadsan uile a bha toileach nan cridhe, tabhartasan-loisgte.

Agus na nithean coisrigte, sia ceud damh, agus trì mìle caora.

Agus mar an ceudna bha na tabhartasan loisgte ann am pailteas, maille ri saill nan tabhartas-sìthe agus nan tabhartas-dibhe, a‑chum na h‑ìobairt-loisgte. Agus dheasaicheadh seirbhis taigh an Tighearna.

Agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den dara mìos; agus bha nàire air na sagartan agus air na Lèbhithich, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thug iad a‑steach ìobairtean-loisgte do thaigh an Tighearna.

Agus dh’ìobair iad aig coisrigeadh taigh seo Dhè, ceud tarbh òg, dà cheud reithe, ceithir cheud uan; agus mar ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile, dà‑bhoc-dheug goibhre, a rèir àireamh treubhan Israeil.

Agus ghairm an Tighearna air Maois, agus labhair e ris à pàillean a’ choitheanail, ag ràdh.

Ma bhios a thabhartas den bhuar na ìobairt-loisgte, thugadh e seachad beathach fireann gun ghaoid: aig doras pàillean a’ choitheanail bheir e seachad e de a shaor thoil fhèin, an làthair an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan