Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheas na Lèbhithich le innealan Dhaibhidh, agus na sagartan leis na trompaidean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bha Sebaniah, agus Iehosaphat, agus Netaneel, agus Amasai, agus Sechariah, agus Benaiah, agus Elièser na sagartan, a’ sèideadh leis na trompaidean ro àirc Dhè: agus bha Obed-edom agus Iehiah nan luchd-gleidhidh doras na h‑àirce.

Benaiah mar an ceudna agus Iahasiel na sagartan, le trompaidean a‑ghnàth ro àirc coicheangal Dhè.

Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh.

Anns a’ ghealaich nuaidh sèidibh an trompaid, anns an àm shuidhichte, air là ar fèille.

Bidh araon luchd-seinn agus luchd-ciùil an sin; tha mo thobraichean uile annadsa.

Bha an Tighearna leam gum thèarnadh; air an adhbhar sin seinnidh sinn mo dhàin air na h‑innealan-ciùil, uile làithean ar beatha, ann an taigh an Tighearna.

A tha a’ seinn do fhuaim na clàrsaich; a tha cosmhail ri Daibhidh, a’ dealbh dhaibh fhèin innealan-ciùil:

Mar an ceudna ann an là ur subhachais, agus nur n‑àrd làithean fèille, agus ann an toiseach ur mìosan, sèididh sibh leis na trompaidean os cionn ur n‑ìobairtean-loisgte, agus os cionn ìobairtean ur tabhartas-sìthe; agus bidh iad dhuibh mar chuimhneachan an làthair ur Dè; Is mise an Tighearna ur Dia.

Agus sèididh mic Aaroin, na sagartan, leis na trompaidean; agus bidh iad dhuibh mar reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan