Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mharbh na sagartan iad, agus chrath iad am fuil air an altair a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil uile: oir dh’àithn an rìgh an ìobairt-loisgte agus an ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Heseciah fios gu Israel uile agus gu Iùdah, agus mar an ceudna sgrìobh e litrichean gu Ephraim agus gu Manaseh, iad a theachd gu taigh an Tighearna ann an Ierusalem, a chumail na càisge don Tighearna Dia Israeil.

Agus dh’ìobair iad aig coisrigeadh taigh seo Dhè, ceud tarbh òg, dà cheud reithe, ceithir cheud uan; agus mar ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile, dà‑bhoc-dheug goibhre, a rèir àireamh treubhan Israeil.

Agus aon uan as an treud, à dà cheud, à ionaltradh reamhar Israeil, airson tabhartais-bhìdh, agus airson ìobairt-loisgte agus airson thabhartas-sìthe, a‑chum rèite a dhèanamh air an son, deir an Tighearna Dia.

Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus tabhartasan-dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd-fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-loisgte, agus na tabhartasan-sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil.

Tha deich agus trì-fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe.

Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-loisgte: agus gabhar air a shon i, a dhèanamh rèite air a shon.

Agus bheir an sagart seachad an ìobairt-loisgte agus an tabhartas-bìdh air an altair: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bidh e glan.

Ach chan ithear ìobairt-pheacaidh sam bith, den tugadh a’ bheag den fhuil a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a dhèanamh rèite anns an ionad naomh; loisgear anns an teine i.

Agus mharbh e e; agus ghabh Maois an fhuil, agus chuir e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt le a mheur, agus ghlan e an altair; agus dhòirt e an fhuil aig bun na h‑altarach, agus naomhaich e i, a dhèanamh rèite oirre.

Agus thug e leis tabhartas an t‑sluaigh, agus ghabh e meann na h‑ìobairt-pheacaidh a bha airson an t‑sluaigh, agus mharbh e e, agus thug e suas e airson peacaidh, mar a’ chiad ìobairt.

Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan