Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad leo na buic-ghoibhre airson na h‑ìobairt-pheacaidh an làthair an rìgh agus a’ choitheanail, agus chuir iad an làmhan orra:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-loisgte: agus gabhar air a shon i, a dhèanamh rèite air a shon.

Agus cuiridh seanairean a’ choitheanail an làmhan air ceann an tairbh an làthair an Tighearna; agus marbhar an tarbh an làthair an Tighearna.

Agus cuiridh e a làmh air ceann a’ mhinn, agus marbhaidh e e anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt-loisgte an làthair an Tighearna: is ìobairt-pheacaidh e.

Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-pheacaidh, agus marbhaidh e an ìobairt-pheacaidh ann an ionad na h‑ìobairt-loisgte.

Agus cuiridh e a làmh air ceann an tabhartais-pheacaidh, agus marbhaidh e e mar ìobairt-pheacaidh anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt-loisgte.

Agus bheir e an tarbh gu doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna; agus cuiridh e a làmh air ceann an tairbh, agus marbhaidh e an tarbh an làthair an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan