Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin mharbh iadsan na tairbh, agus ghabh na sagartan an fhuil, agus chrath iad i air an altair: mharbh iad mar an ceudna na reitheachan, agus chrath iad an fhuil air an altair: mharbh iad cuideachd na h‑uain, agus chrath iad an fhuil air an altair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus mharbh iad a’ chàisg, agus chrath na sagartan an fhuil len làimh, agus dh’fhionn na Lèbhithich.

Agus marbhaidh e an tarbh òg an làthair an Tighearna: agus bheir na sagartan, mic Aaroin, leo an fhuil, agus crathaidh iad an fhuil mun cuairt air an altair, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.

Agus cuiridh e cuid den fhuil air adhaircean na h‑altarach a tha ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail, agus dòirtidh e a‑mach an fhuil uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.

Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt-pheacaidh le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair na h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil uile aig bun na h‑altarach.

Agus cuiridh an sagart cuid den fhuil air adhaircean altair na tùise cùbhraidh ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail; agus dòirtidh e fuil an tairbh uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.

Agus mharbh e e; agus chrath Maois an fhuil air an altair mun cuairt.

Agus thug e leis mic Aaroin, agus chuir Maois cuid den fhuil air bàrr an cluaise deise, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise: agus chrath Maois an fhuil air an altair mun cuairt.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan