2 Eachdraidh 29:21Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thug iad leo seachd tairbh òga, agus seachd reitheachan, agus seachd uain, agus seachd buic-ghoibhre mar ìobairt-pheacaidh airson na rìoghachd, agus airson an ionaid naoimh, agus airson Iùdah: agus dh’àithn e do na sagartan, mic Aaroin, an ìobradh air altair an Tighearna. Faic an caibideil |
Thug clann na muinntir a thugadh air falbh, agus a thàinig on bhraighdeanas, seachad ìobairtean-loisgte do Dhia Israeil, dà‑tharbh-dheug òg airson Israeil uile, ceithir-fichead agus sia-reitheachan-deug, trì-fichead agus seachd-uain-dheug, dà‑bhoc-dheug ghoibhre mar ìobairt-pheacaidh: iad uile nan ìobairt-loisgte don Tighearna.
Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt-loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris-san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.