Agus na soithichean sin uile a chuir rìgh Ahas, nuair a rìghich e, air falbh na easaontas, dheasaich sinne agus naomhaich sinn, agus, feuch, tha iad fa chomhair altair an Tighearna.
Agus thug e mar an ceudna an altair umha, a bha ann am fianais an Tighearna, o bheulaibh an taighe, o eadar an altair agus taigh an Tighearna, agus chuir e i air taobh tuath na h‑altarach.
Agus gheàrr rìgh Ahas iomaill nam bonn dhiubh, agus dh’atharraich e dhiubh an soitheach-ionnlaid, agus thug e a‑nuas an fhairge bhàrr nan damh umha a bha foidhpe, agus chuir e i air ùrlar chlach.
Agus chruinnich Ahas soithichean taigh Dhè, agus gheàrr e nam mìrean soithichean taigh Dhè, agus dhruid e dorsan taigh an Tighearna. Agus rinn e dha fhèin altairean anns gach ceàrn de Ierusalem.
An sin chaidh iad a‑steach a dh’ionnsaigh Heseciah an rìgh, agus thubhairt iad, Ghlan sinn taigh an Tighearna uile, agus altair na h‑ìobairt-loisgte maille ra soithichean uile, agus bòrd an arain thaisbeanta maille ra shoithichean uile.