Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chaidh iad a‑steach a dh’ionnsaigh Heseciah an rìgh, agus thubhairt iad, Ghlan sinn taigh an Tighearna uile, agus altair na h‑ìobairt-loisgte maille ra soithichean uile, agus bòrd an arain thaisbeanta maille ra shoithichean uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean-loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e.

A‑nis thòisich iad air a’ chiad là den chiad mhìos air naomhachadh, agus air an ochdamh là den mhìos thàinig iad gu sgàth-thaigh an Tighearna, agus naomhaich iad taigh an Tighearna ann an ochd làithean, agus air an t‑siathamh-là‑deug den chiad mhìos chrìochnaich iad an obair.

Agus na soithichean sin uile a chuir rìgh Ahas, nuair a rìghich e, air falbh na easaontas, dheasaich sinne agus naomhaich sinn, agus, feuch, tha iad fa chomhair altair an Tighearna.

Agus rinn e altair umha: fichead làmh-choille a fad, agus fichead làmh-choille a leud, agus deich làmhan-coille a h‑àirde.

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan