Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh na sagartan don chuid a b’fhaide a‑staigh de thaigh an Tighearna ga ghlanadh, agus thug iad a‑mach gach salchar a fhuair iad ann an teampall an Tighearna, gu cùirt taigh an Tighearna. Agus thog na Lèbhithich leo e, gu a thoirt a‑mach gu sruth Chidroin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus ghuil an tìr uile le guth àrd, agus chaidh an sluagh uile thairis; chaidh an rìgh cuideachd thairis air sruth Chidroin, agus chaidh an sluagh uile thairis an làimh na slighe don fhàsach.

Agus mar an ceudna a‑thaobh Mhaachah, màthair rìgh Asa, chuir e i o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus gheàrr Asa sìos a dealbh uamhasach, agus mhìn-phronn e e, agus loisg e e aig sruth Chidroin.

Agus rinn e an taigh as ro‑naoimhe: a fhad a rèir leud an taighe, fichead làmh-choille, agus a leud fichead làmh-choille: agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, a thàinig gu sia ceud tàlann.

Agus dh’èirich iad, agus thug iad air falbh na h‑altairean a bha ann an Ierusalem, agus na h‑altairean uile airson tùise thug iad air falbh, agus thilg iad iad ann an sruth Chidroin.

Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth-àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub:

Agus dh’àithn mi, agus ghlan iad na seòmraichean: agus thug mi air an ais an sin soithichean taigh Dhè, an tabhartas-bìdh agus an tùis.

Saoraidh mi sibh fòs o ur n‑uile shalchar; agus gairmidh mi air an arbhar, agus meudaichidh mi e, agus cha chuir mi gort air bith oirbh.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir is cosmhail sibh ri uaighean gealaichte, a tha maiseach air an taobh a‑muigh, ach air an taobh a‑staigh a tha làn de chnàmhan dhaoine marbha, agus den uile shalchar.

Nuair a labhair Iosa na briathran seo, chaidh e maille ra dheisciobail thairis air sruth Chedroin, far an robh lios, don deachaidh e fhèin agus a dheisciobail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan