Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mo mhic, na bithibh a‑nis dearmadach; oir thagh an Tighearna sibh gu seasamh na làthair a dhèanamh seirbhis dha, agus gu bhith a’ frithealadh dha agus a’ losgadh tùise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Mhic Elcanah mhic Ierohaim, mhic Elieil, mhic Thoah,

Agus bidh an taigh a thogas mise mòr: oir is mòr ar Dia-ne os cionn nan uile dhiathan.

Agus shuidhich e na sagartan nan cùram, agus thug e misneach dhaibh a‑chum seirbhis taigh an Tighearna.

Feuch, beannaichibh an Tighearna, sibhse òglacha an Tighearna gu lèir, a sheasas ann an taigh an Tighearna gach oidhche.

Anns an àm sin chuir an Tighearna air leth treubh Lèbhi, a ghiùlan àirc coicheangal an Tighearna, a sheasamh an làthair an Tighearna gu frithealadh dha, agus a bheannachadh na ainm, gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan