Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 29:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis tha e ann am chridhe coicheangal a dhèanamh ris an Tighearna Dia Israeil, a‑chum gun tionndaidh a fhearg laiste uainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, cha do thill an Tighearna o theas a fheirge mòire, leis an do las a fhearg an aghaidh Iùdah, airson nan uile bhrosnachadh leis an do bhrosnaich Manaseh e.

Agus sheas an rìgh làimh ri post; agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh iad an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh iad a àitheantan, agus a theisteis, agus a reachdan len uile chridhe, agus len uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail seo, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo: agus sheas an sluagh uile ris a’ choicheangal.

Agus rinn Iehoiada coicheangal eadar e fhèin agus an sluagh gu lèir, agus an rìgh, gum biodh iad nan sluagh aig an Tighearna.

A‑nis na bithibh-se cruaidh-mhuinealach cosmhail ri ur n‑athraichean: thugaibh sibh fhèin thairis don Tighearna, agus rachaibh a‑steach da ionad naomh, a naomhaich e gu bràth; agus dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia, a‑chum gun tionndaidh lasan a fheirge air falbh uaibh.

Seasadh a‑nis ar n‑uachdarain den choitheanal uile, agus, aig àmannan suidhichte, thigeadh iadsan uile nar bailtean a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, agus maille riu seanairean gach baile agus a bhritheamhan, gus an tionndaidhear fearg laiste ar Dè uainn a‑thaobh an nì seo.

A‑nis uime sin dèanamaid coicheangal ri ar Dia, na mnathan uile a chur uainn, agus iadsan a rugadh leo, a rèir comhairle mo thighearna, agus na muinntir a chriothnaicheas ri àithne ar Dè, agus dèanar a rèir an lagha.

Agus bheannaich Esra an Tighearna, an Dia mòr: agus fhreagair an sluagh uile, Amen, Amen, a’ togail suas an làmh. Agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh don Tighearna len aghaidhean ris an talamh.

Agus airson seo uile nì sinn coicheangal cinnteach, agus sgrìobhaidh sinn e; agus cuiridh ar n‑uachdarain, ar Lèbhithich, agus ar sagartan an seula ris.

Imich agus glaodh na briathran seo fa chomhair na h‑àird a tuath, agus abair; Till, O Israeil chùl-sleamhnaich, deir an Tighearna, agus cha leig mi mo chorraich ort; oir tha mise tròcaireach, deir an Tighearna, cha ghlèidh mi m’fhearg gu bràth.

An gleidhear fearg gu bràth? An cumar corraich gu sìorraidh air chuimhne? Feuch, labhair, agus rinn thu aingidheachd; agus chaidh e leat.

Agus bha sibh a‑nis air tilleadh, agus air dèanamh gu ceart ann am shealladh-sa, le saorsa a ghlaodhach, gach neach da choimhearsnach; agus rinn sibh coicheangal ann am fhianais, anns an taigh a tha air a ghairm air m’ainm.

Agus bheir mi a’ mhuinntir a bhris mo choicheangal, nach do choilean briathran a’ choicheangail a rinn iad ann am làthair-sa, nuair a gheàrr iad an laogh na dhà leth, agus a dh’imich iad eadar a bhloighdean;

Iarraidh iad an t‑slighe gu Sion len aghaidh da h‑ionnsaigh, ag ràdh, Thigibh agus naisgeamaid sinn fhèin ris an Tighearna ann an coicheangal sìorraidh nach leigear air dìochuimhn.

Agus chan ann mar a shaoil sinne, ach thug iad iad fhèin air tùs don Tighearna, agus na dhèidh sin dhuinne a rèir toil Dhè:

Agus thog iad suas càrn mòr chlach air a mhuin gus an là‑an‑diugh. Agus thill an Tighearna o ghairge a chorraich: uime sin thugadh gleann Achoir mar ainm air an àite sin, gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan