Agus thug clann Israeil leo nam braighdean dem bràithrean dà cheud mìle bean, mac agus nighean, agus thog iad mar an ceudna creach mhòr uapa, agus thug iad a’ chreach gu Samaria.
Agus fhreagair esan, Cha bhuail thu iad: am buaileadh tu iadsan a ghlac thu nam braighdean led chlaidheamh, agus led bhogha? Cuir aran agus uisge fan comhair, a‑chum gun ith agus gun òl iad, agus gun tèid iad a dh’ionnsaigh an tighearna fhèin.
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cha tèid sibh suas, agus cha chog sibh ri ur bràithrean: tillibh, gach fear a dh’ionnsaigh a thaighe; oir leamsa rinneadh an nì seo. Agus dh’èisd iad ri briathran an Tighearna, agus thill iad o dhol an aghaidh Ierobòaim.
A‑nis, matà, èisdibh riumsa, agus thugaibh air an ais na braighdean a thug sibh leibh ann am braighdeanas o ur bràithrean; oir tha fearg laiste an Tighearna ribh.
Ithidh Manaseh Ephraim, agus Ephraim Manaseh; agus bidh iad le chèile an aghaidh Iùdah. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
Fheara agus a bhràithrean, a chlann fine Abrahàim, agus a mheud agaibh is air a bheil eagal Dhè, is ann dur n‑ionnsaigh-se a chuireadh facal na slàinte seo.
Agus air an là na dhèidh sin nochd e e fhèin dhaibh agus iad a’ còmhstri, agus b’àill leis sìth a dhèanamh eatorra, ag ràdh, A dhaoine, is bràithrean sibh fhèin; carson a tha sibh a’ dèanamh eucoir air a chèile?
Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn.