Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 28:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mharbh Sichri, duine treun de Ephraim, Maaseiah mac an rìgh, agus Asricam, uachdaran an taighe, agus Elcanah a b’fhaisge don rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thug e air marcachd anns an dara carbad a bha aige fhèin; agus ghlaodh iad roimhe, Lùbaibh an glùn; agus rinn e e na uachdaran air tìr na h‑Eiphit uile.

Agus thugaibh leibh airgead dùbailte nur làimh, agus an t‑airgead a thugadh air ais am beul ur sac, thugaibh air ais e nur làimh; theagamh gur mearachd a bha ann:

Agus ghabh na daoine an tìodhlac sin, agus thug iad leo airgead dùbailte nan làimh, agus Beniàmin; agus dh’èirich iad, agus chaidh iad sìos don Eiphit, agus sheas iad an làthair Iòseiph.

Agus mharbh Pecah mac Remaliah ann an Iùdah ceud agus fichead mìle ann an aon là, fir threuna uile; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean.

Agus thug clann Israeil leo nam braighdean dem bràithrean dà cheud mìle bean, mac agus nighean, agus thog iad mar an ceudna creach mhòr uapa, agus thug iad a’ chreach gu Samaria.

Oir b’e Mordecai an t‑Iùdhach a b’fhaisge do rìgh Ahasuerus: agus bha e mòr am measg nan Iùdhach, agus taitneach do mhòr-chuideachd a bhràithrean, ag iarraidh maith da shluagh, agus a’ labhairt sìth ra shliochd uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan