Agus mharbh Pecah mac Remaliah ann an Iùdah ceud agus fichead mìle ann an aon là, fir threuna uile; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean.
Anns an dara-bliadhna-deug agus dà‑fhichead de Asariah rìgh Iùdah, thòisich Pecah mac Remaliah air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e fichead bliadhna.
An sin thàinig Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, a‑nìos gu Ierusalem, a chogadh: agus theannaich iad Ahas, ach cha b’urrainn iad buaidh a thoirt air.
Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.
Gidheadh, dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah gus an là‑an‑diugh. Agus dh’èirich Libnah anns an àm cheudna o bhith fo a làimh, a chionn gun do thrèig e an Tighearna, Dia a athraichean.
Ann an làithean Ahais mhic Iotaim, mhic Usiah, rìgh Iùdah, chaidh Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, suas do Ierusalem, a chogadh na h‑aghaidh, ach cha b’urrainn iad buadhachadh oirre.
Ithidh Manaseh Ephraim, agus Ephraim Manaseh; agus bidh iad le chèile an aghaidh Iùdah. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
Thrèig thu mise, deir an Tighearna, chaidh thu air d’ais; air an adhbhar sin, sìnidh mise mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgìth de ghabhail aithreachais.
Smachdaichidh d’aingidheachd fhèin thu, agus nì do chùl-sleamhnachadh fhèin do chronachadh: aithnich uime sin, agus faic gur olc agus searbh an nì gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, agus nach eil m’eagal-sa annad, deir an Tighearna, Dia nan sluagh.
Mun robh d’aingidheachd air a leigeadh ris, agus àm do mhaslaidh, mar nigheanan Shiria, agus na h‑uile a bha dlùth dhi, agus mar nigheanan nam Philisteach a bha mun cuairt dhut.
Ach tàrlaidh, mura èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt fa‑near gun dèan thu a àitheantan agus a reachdan uile, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, gun tig na mallachdan seo uile ort, agus gum beir iad ort.
Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn.
Nuair a bhriseas sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a dh’àithn e dhuibh, agus a thèid sibh, agus a nì sibh seirbhis do dhiathan eile, agus a chromas sibh sibh fhèin dhaibh, an sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus thèid as dhuibh gu grad bhàrr an fhearainn mhaith a thug e dhuibh.
Ma thrèigeas sibh an Tighearna, agus ma nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, an sin tillidh e agus nì e olc oirbh, agus claoidhidh e sibh, an dèidh dha math a dhèanamh dhuibh.