Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 28:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’ìobair e agus loisg e tùis anns na h‑àitean àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh uaine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

An sin thug Iàcob suas ìobairtean anns an t‑sliabh, agus ghairm e air a bhràithrean a dh’ithe arain: agus dh’ith iad aran, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche anns an t‑sliabh.

Agus thubhairt Ierobòam ra mhnaoi, Eirich a‑nis, agus cuir thu fhèin ann an coslas eile, air chor is nach aithnich iad gur tu bean Ierobòaim; agus imich do Shiloh: feuch, an sin tha Ahiah am fàidh, a dh’innis dhòmhsa gum bithinn am rìgh air an t‑sluagh seo.

Oir thog iadsan mar an ceudna àitean àrda dhaibh fhèin, agus dealbhan, agus doireachan, air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine.

Agus dh’ìobair e agus loisg e tùis anns na h‑àitean àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh uaine.

Ach cha do chuireadh na h‑àitean àrda air falbh à Israel: gidheadh bha cridhe Asa iomlan rè a làithean uile.

Oir rinn an Tighearna Iùdah ìosal airson Ahais rìgh Iùdah, a chionn gun do rinn e Iùdah lomnochd, agus gun do rinn e cionta mòr an aghaidh an Tighearna.

Agus anns gach baile fa leth de Iùdah rinn e àitean àrda, a‑chum tùis a losgadh do dhiathan coimheach, agus bhrosnaich e gu feirg an Tighearna, Dia a athraichean.

Agus cuiridh mise as dur n‑ionadan àrda, agus gearraidh mi sìos ur dealbhan, agus tilgidh mi ur colainnean air colainnean ur n‑iodhalan, agus gabhaidh m’anam gràin dhibh.

Airson easaontas Iàcoib tha seo uile, agus airson lochdan taigh Israeil. Ciod e easaontas Iàcoib? Nach e Samaria? Agus ciod iad ionadan àrda Iùdah? Nach iad sin a tha ann an Ierusalem?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan