Agus loisg e tùis ann an gleann Bhen-hinoim, agus loisg e a chlann anns an teine, a rèir gràinealachd nan cinneach a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.
Ach dh’imich e ann an slighe rìghrean Israel, agus mar an ceudna thug e air a mhac dol tron teine, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.
Agus thruaill e Tophet a tha ann an gleann mac Hinnoim, a‑chum is nach faodadh duine air bith toirt air a mhac no air a nighinn dol tron teine do Mholech.
Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr-aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.
Mar an ceudna pheacaich iadsan uile a b’àirde de na sagartan agus den t‑sluagh gu ro‑mhòr, a rèir uile ghràinealachdan nan cinneach, agus thruaill iad taigh an Tighearna, a naomhaich e ann an Ierusalem.
Agus bidh taighean Ierusaleim, agus taighean rìghrean Iùdah, amhail ionad Thophet, neòghlan; maille ris na taighean sin air fad, air mullach an do loisg iad tùis do uile fheachd nèimh, agus a dhòirt iad ìobairtean-dibhe a‑mach do dhiathan coimheach.
Fhuaireadh ann ad sgioball mar an ceudna fuil anam nan neochiontach bochda: chan ann le sgrùdadh domhain a fhuair mi a‑mach i, ach air a craobh-sgaoileadh.
Agus thog iad ionadan àrda Bhàail, a tha ann an gleann mac Hinoim, a thoirt air am mic agus air an nigheanan dol tron teine do Mholoch; nì nach d’àithn mise dhaibh, agus nach tàinig idir ann am aire; a’ cur an gnìomh na gràinealachd seo, gu cionta a thoirt air Iùdah.
Am bi an Tighearna toilichte le mìltean de reitheachan, le deich mìltean de shruthan ola? An toir mi mo chiad-ghin airson mo chionta; toradh mo chuirp airson cionta m’anama?
Cha dèan thusa mar sin ris an Tighearna do Dhia: oir gach gràinealachd don Tighearna as fuathach leis, rinn iadsan dan diathan; oir eadhon am mic agus an nigheanan loisg iad anns an teine dan diathan.
Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan,
Agus chaidh a’ chrìoch suas gu gleann mac Hinoim, gu taobh deas an Iebusaich; (is e sin Ierusalem:) agus chaidh a’ chrìoch suas gu mullach na beinne, a tha ro ghleann Hinoim, air an làimh an iar, a tha aig ceann gleann nam famhairean ri tuath.