2 Eachdraidh 28:27Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chaidil Ahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e anns a’ bhaile, ann an Ierusalem; ach cha tug iad e do àitean-adhlaic rìghrean Israeil; agus rìghich Heseciah a mhac na àite. Faic an caibideil |
Agus nuair a dh’imich iad uaithe, a chionn gun d’fhàg iad e ann an eucailean mòra, rinn a sheirbhisich fhèin ceannairc na aghaidh airson fuil mac Iehoiada an sagart, agus mharbh iad e air leabaidh, agus nuair a fhuair e bàs, dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha d’adhlaic iad e ann an àitean-adhlaic nan rìghrean.
Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.