Agus a chuid eile de a ghnìomharan agus de a shlighean uile, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil.
A‑nis gnìomharan Rehobòaim, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Shemaiah am fàidh, agus Ido am fear-seallaidh, mu thimcheall ghinealach? Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile.
A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Iehosaphait, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann am briathran Iehu mhic Hanani, a chuir e sìos ann an leabhar rìghrean Israeil.
Dà‑bhliadhna-dheug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem, agus shiubhail e gun dèidh sam bith air, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha b’ann an àitean-adhlaic nan rìgh.
Agus anns gach baile fa leth de Iùdah rinn e àitean àrda, a‑chum tùis a losgadh do dhiathan coimheach, agus bhrosnaich e gu feirg an Tighearna, Dia a athraichean.