Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 28:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns gach baile fa leth de Iùdah rinn e àitean àrda, a‑chum tùis a losgadh do dhiathan coimheach, agus bhrosnaich e gu feirg an Tighearna, Dia a athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, a‑chum mo bhrosnachadh gu corraich le uile obraichean an làmh: uime sin lasaidh m’fhearg an aghaidh an àite seo, agus cha mhùchar i.

Agus chruinnich Ahas soithichean taigh Dhè, agus gheàrr e nam mìrean soithichean taigh Dhè, agus dhruid e dorsan taigh an Tighearna. Agus rinn e dha fhèin altairean anns gach ceàrn de Ierusalem.

Agus a chuid eile de a ghnìomharan agus de a shlighean uile, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil.

Agus loisg e tùis ann an gleann Bhen-hinoim, agus loisg e a chlann anns an teine, a rèir gràinealachd nan cinneach a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.

Agus dh’ìobair e agus loisg e tùis anns na h‑àitean àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh uaine.

Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Ahas bàs, bha an trom-eallach seo.

Oir a rèir àireamh do bhailtean, bha do dhiathan, O Iùdah; agus a rèir àireamh sràidean Ierusaleim chuir sibh suas altairean don nì nàireach sin, altairean a losgadh tùise do Bhàal.

Oir rinn Tighearna nan sluagh, a shuidhich thu, olc a labhairt ad aghaidh; airson aingidheachd taigh Israeil agus taigh Iùdah, a chuir iad an gnìomh nan aghaidh fhèin, le mise a bhrosnachadh gu feirg, le tùis a losgadh do Bhàal.

Gun do thog thu dhut fhèin fòs ionad àrd, agus gun do rinn thu dhut fhèin àite àrd anns gach aon sràid.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan