Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 28:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ghabh Ahas cuibhreann à taigh an Tighearna, agus à taigh an rìgh, agus o na h‑uachdarain, agus thug e sin do rìgh Asiria; ach cha do chuidich e leis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Uime sin thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim, agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis an t‑iomlan: thug e leis mar an ceudna na targaidean òir a rinn Solamh.

An sin thug Asa a‑mach airgead agus òr à ionmhasan taigh an Tighearna agus taigh an rìgh, agus chuir e teachdairean gu Benhadad rìgh Shiria a bha a chòmhnaidh an Damascas, ag ràdh,

Is ribe e do dhuine ithe den nì a tha naomh, agus an dèidh bhòidean, fiosrachadh.

Mar fhiacail bhriste, agus mar chois as an alt, tha earbsa à duine neo-dhìleas ann an là airce.

Cuime am bi thu cho ro‑luaineach a chaochladh do shlighe? Bidh fhathast nàire ort den Eiphit, amhail a bha nàire ort de Asiria.

Nuair a chunnaic Ephraim a thinneas, agus Iùdah a chreuchd, an sin chaidh Ephraim a‑chum an Asirianaich, agus chuir e fios gu rìgh Iareb: gidheadh cha b’urrainn e ur leigheas, cha mhò a shlànaich e ur creuchd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan