Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do ghnàthaich Edom dìoghaltas trom an aghaidh Iùdah, agus gun tug e oilbheum mòr anns an dìoghaltas a rinn e orra:
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Edoim, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do ruaig e a bhràthair leis a’ chlaidheamh, agus gun do thilg e uaithe a h‑uile iochd, agus gun do reub a fhearg a‑ghnàth, agus gun do ghlèidh e a chorraich an còmhnaidh.