Agus tàrlaidh anns an là sin nach leig iarmad Israeil, agus iadsan a thèid as de thaigh Iàcoib, an taic nas mò air an fhear a bhuail iad; ach leigidh iad an taic air an Tighearna, Tì naomh Israeil, ann am fìrinn.
Bheir an Tighearna ortsa, agus air do shluagh, agus air taigh d’athar, làithean nach robh an leithidean ann on là anns an do dhealaich Ephraim ri Iùdah; eadhon rìgh Asiria.
Rinn thu mar an ceudna strìopachas leis na h‑Asirianaich, a chionn gu robh thu do‑shàthaichte; seadh, rinn thu strìopachas leo, agus gidheadh chan fhaodadh tu a bhith air do shàthachadh.
Nuair a chunnaic Ephraim a thinneas, agus Iùdah a chreuchd, an sin chaidh Ephraim a‑chum an Asirianaich, agus chuir e fios gu rìgh Iareb: gidheadh cha b’urrainn e ur leigheas, cha mhò a shlànaich e ur creuchd.