Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 28:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich na daoine a ghairmeadh air an ainm, agus ghabh iad na braighdean, agus dh’èidich iad leis a’ chreich iadsan uile a bha lomnochd dhiubh, agus nuair a chuir iad aodach agus brògan orra, thug iad orra ithe agus òl, agus dh’ung iad iad, agus chuir iad air asail iadsan uile a bha anfhann dhiubh, agus thug iad iad gu Iericho, baile nan craobh-pailme, a dh’ionnsaigh am bràithrean; agus thill iad gu Samaria.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair esan, Cha bhuail thu iad: am buaileadh tu iadsan a ghlac thu nam braighdean led chlaidheamh, agus led bhogha? Cuir aran agus uisge fan comhair, a‑chum gun ith agus gun òl iad, agus gun tèid iad a dh’ionnsaigh an tighearna fhèin.

Agus rinn e deasachadh mòr air an son; agus nuair a dh’ith agus a dh’òl iad, leig e air falbh iad, agus chaidh iad a dh’ionnsaigh an tighearna. Agus cha tàinig buidhnean Shiria nas mò do thìr Israeil.

An sin dh’èirich daoine àraidh de chinn chloinn Ephraim, Asariah mac Iohanain, Berechiah mac Mhesilemoit, agus Iehisciah mac Shaluim, agus Amasa mac Hadlai, suas nan aghaidh-san a thàinig on chogadh.

An sin dh’fhàg na daoine a bha fon airm na braighdean agus a’ chreach am fianais nan uachdaran agus a’ cho-chruinneachaidh uile.

Mic Iericho, trì cheud, dà‑fhichead agus a còig.

Agus thubhairt iadsan, Aisigidh sinn, agus chan iarr sinn uapa; mar sin nì sinn mar a tha thu ag ràdh. An sin ghairm mi na sagartan, agus ghabh mi mionnan dhiubh gun dèanadh iad a rèir a’ gheallaidh seo.

Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoidheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin?

Ach tha mi ag ràdh ribhse a tha ag èisdeachd, Gràdhaichibh ur naimhdean, dèanaibh math dhaibhsan lem fuathach sibh;

Agus nuair a chaidh e a‑mach air tìr, choinnich duine àraidh as a’ bhaile e, anns an robh deamhain rè aimsir fhada, agus aig nach biodh aodach uime, agus nach fanadh ann an taigh, ach anns na h‑àitean-adhlaic.

Agus chaidh iadsan a‑mach a dh’fhaicinn an nì a rinneadh; agus thàinig iad gu Iosa, agus fhuair iad an duine as an deachaidh na deamhain na shuidhe aig casan Iosa, air èideadh, agus e na chèill: agus ghabh iad eagal.

An sin dh’èirich Peadar, agus chaidh e maille riu. Agus nuair a bha e air teachd, threòraich iad suas e don t‑seòmar uachdarach: agus sheas na bantraichean uile làimh ris a’ caoineadh, agus a’ nochdadh nan còta agus nan trusgan a rinn Dorcas am feadh a bha i maille riu.

Uime sin is còir dhuinne a tha làidir giùlan le anfhainneachd na muinntir sin a tha lag, agus gun sinn fhèin a thoileachadh.

Agus an taobh deas, agus còmhnard gleann Iericho, baile nan craobh pailm, gu ruig Sòar.

Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.

Agus chaidh clann a’ Chenich, athair-cèile Mhaois, suas à baile nan craobh-pailme, maille ri cloinn Iùdah, do fhàsach Iùdah, a tha air an taobh mu dheas de Arad; agus chaidh iad agus ghabh iad còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan