Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 28:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad riu, Cha toir sibh na braighdean a‑steach an seo; oir bhiodh sin na chionta an aghaidh an Tighearna oirnne. Tha sibhse a’ cur romhaibh tuilleadh a chur ri ar peacaidhean, agus ri ar cionta, nuair a tha ar cionta cheana mòr agus fearg laiste ri Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta.

An sin dh’èirich daoine àraidh de chinn chloinn Ephraim, Asariah mac Iohanain, Berechiah mac Mhesilemoit, agus Iehisciah mac Shaluim, agus Amasa mac Hadlai, suas nan aghaidh-san a thàinig on chogadh.

An sin dh’fhàg na daoine a bha fon airm na braighdean agus a’ chreach am fianais nan uachdaran agus a’ cho-chruinneachaidh uile.

Agus, feuch, tha sibhse air èirigh suas an àite ur n‑athraichean, gineal dhroch dhaoine, a mheudachadh fhathast mòr-chorraich an Tighearna ri Israel.

Mar sin lìonaibh-se suas tomhas ur n‑athraichean.

A‑chum gun tig oirbh gach uile fhuil fhìreanta a dhòrtadh air an talamh, o fhuil Abeil fhìreanta gu fuil Shachariais mhic Bharachiais, a mharbh sibh eadar an teampall agus an altair.

Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo-aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart-bhreitheanas Dhè;

Agus thàinig iad gu cloinn Reubein, agus gu cloinn Ghad, agus gu leth-threubh Mhanaseh, gu tìr Ghilead, agus labhair iad riu, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan