A‑nis, matà, èisdibh riumsa, agus thugaibh air an ais na braighdean a thug sibh leibh ann am braighdeanas o ur bràithrean; oir tha fearg laiste an Tighearna ribh.
An sin dh’èirich daoine àraidh de chinn chloinn Ephraim, Asariah mac Iohanain, Berechiah mac Mhesilemoit, agus Iehisciah mac Shaluim, agus Amasa mac Hadlai, suas nan aghaidh-san a thàinig on chogadh.
Agus thug clann Israeil leo nam braighdean dem bràithrean dà cheud mìle bean, mac agus nighean, agus thog iad mar an ceudna creach mhòr uapa, agus thug iad a’ chreach gu Samaria.
Seasadh a‑nis ar n‑uachdarain den choitheanal uile, agus, aig àmannan suidhichte, thigeadh iadsan uile nar bailtean a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, agus maille riu seanairean gach baile agus a bhritheamhan, gus an tionndaidhear fearg laiste ar Dè uainn a‑thaobh an nì seo.
Nach e seo an trasg a tha mise a’ roghnachadh: cuibhrichean na h‑aingidheachd a sgaoileadh, na h‑uallaichean troma a lasachadh, agus a’ mhuinntir shàraichte fhuasgladh; agus gach uile chuing a bhriseadh?