Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 27:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chog e ri rìgh chloinn Amoin, agus thug e buaidh orra. Agus thug clann Amoin dha air a’ bhliadhna sin fhèin ceud tàlann airgid, agus deich mìle tomhas cruithneachd, agus deich mìle tomhas eòrna. Seo thug clann Amoin seachad dha, araon air an dara bliadhna, agus air an treas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh nan nithean seo thàinig clann Mhòaib, agus clann Amoin, agus maille riu cuid de na h‑Edomaich, an aghaidh Iehosaphait gu cath.

Agus thug na h‑Amonaich tìodhlacan do Udsiah; agus chaidh a ainm a‑mach gu ruig dol a‑steach na h‑Eiphit, oir dh’fhàs e ro‑chumhachdach.

Agus thog e bailtean ann an slèibhtean Iùdah, agus anns na coilltean thog e caistealan agus tùir.

Agus dh’fhàs Iotam cumhachdach, a chionn gun do dheasaich e a shlighean am fianais an Tighearna a Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan