Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 27:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thog e geata àrd taigh an Tighearna, agus air balla Opheil thog e mòran.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Gidheadh cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: fhathast bha an sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis anns na h‑àitean àrda. Chuir e suas an geata a b’àirde an taigh an Tighearna.

Agus ghabh e na ceannardan-cheud, agus na h‑àrd-uaislean, agus uachdarain an t‑sluaigh, agus uile shluagh na tìre, agus thug iad a‑nuas an rìgh o thaigh an Tighearna; agus thàinig iad tron gheata àrd a‑steach do thaigh an rìgh, agus chuir iad an rìgh na shuidhe air rìgh-chathair na rìoghachd.

Agus na dhèidh seo thog e balla an taobh a‑muigh de bhaile Dhaibhidh, air an taobh an iar de Ghihon anns a’ ghleann, eadhon gu ruig dol a‑steach geata an èisg, agus thug e mun cuairt air Ophel e, agus thog e suas e gu ro‑àrd: agus chuir e ceannardan-cogaidh ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah.

An sin bhuail Pasur Ieremiah am fàidh, agus chuir e anns an taigh-smachdachaidh e, a bha aig geata uachdarach Bheniàmin, làimh ri taigh an Tighearna.

Nuair a chuala maithean Iùdah na nithean seo, an sin thàinig iad a‑nìos o thaigh an rìgh gu taigh an Tighearna, agus shuidh iad ann an dol a‑steach a’ gheata nuaidh aig taigh an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan