Còig-bliadhna-fichead a dh’aois bha Iotam nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia-bliadhna-deug ann an Ierusalem; agus b’e ainm a mhàthar Ierusa, nighean Shadoic.
Agus bha Udsiah an rìgh na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnaidh ann an taigh air leth, mar fhear a bha na lobhar, nuair a dhruideadh a‑mach e à taigh an Tighearna; agus bha Iotam a mhac os cionn taigh an rìgh, a’ toirt breith air sluagh na tìre.
Agus chaidil Udsiah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am magh àit-adhlacaidh nan rìghrean: oir thubhairt iad, Tha e na lobhar. Agus rìghich Iotam a mhac na àite.
Facal an Tighearna a thàinig gu Hosèa, mac Bheeri, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais agus Heseciah, rìghrean Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim, mhic Iohais, rìgh Israeil.
Facal an Tighearna, a thàinig gu Micah am Morastach, ann an làithean Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah; a chunnaic e a‑thaobh Shamaria agus Ierusaleim.