Agus ghlac Iehoas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah, mac Iehoais mhic Ahasiah, aig Bet-semes, agus thàinig e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh-choille.
Agus ghlac Iòas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah mac Iòais, mhic Ahasiah, aig Bet-semes, agus thug e e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim, o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh-choille.
Agus chaidh mi a‑mach anns an oidhche air geata a’ ghlinne, agus fa chomhair tobar an dràgoin, agus gu geata an aolaich, agus ghabh mi sealladh de bhallachan Ierusaleim, a bha air am briseadh sìos, agus de a geatachan a bha air an caitheamh le teine.
An sin chaidh mi suas anns an oidhche làimh ris an t‑sruth, agus ghabh mi sealladh den bhalla, agus thionndaidh mi air m’ais, agus chaidh mi a‑steach air geata a’ ghlinne, agus thill mi.
Geata a’ ghlinne chàraich Hanun, agus luchd-àiteachaidh Shanòah: thog iad e, agus chuir iad suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus mìle làmh-choille den bhalla, gu ruig geata an aolaich.
Agus cuartaichidh e am fearann uile mar chòmhnard, o Gheba gu Rimon, mu dheas de Ierusalem: agus togar suas i, agus àitichear i na h‑ionad, o gheata Bheniàmin gu àite a’ chiad gheata, agus gu geata na h‑oisne, agus o thùr Hananeeil gu fìon-amair an rìgh.