Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 26:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug na h‑Amonaich tìodhlacan do Udsiah; agus chaidh a ainm a‑mach gu ruig dol a‑steach na h‑Eiphit, oir dh’fhàs e ro‑chumhachdach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.

Agus an tè a b’òige, rug ise mar an ceudna mac, agus thug i Ben-ammi mar ainm air: is esan athair chloinn Ammoin gus an là‑an‑diugh.

Agus fhuair Daibhidh ainm dha fhèin, nuair a thill e o bhualadh nan Edomach ann an gleann an t‑salainn, ochd-mìle-deug fear.

Agus bhuail e na Mòabaich, agus thomhais e iad le còrd, gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chòrd thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chòrd iomlan a ghleidheadh beò. Agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tìodhlacan leo.

Agus bha e glic thar gach duine, thar Etan an t‑Esrahach, thar Heman, agus Chalcol, agus Darda, mic Mhahoil: agus bha a chliù anns gach dùthaich mun cuairt.

Agus chaidh ainm Dhaibhidh a‑mach do gach tìr, agus thug an Tighearna a eagal-san air na h‑uile chinnich.

Agus thug cuid de na Philistich tìodhlacan do Iehosaphat, agus airgead cìse: mar an ceudna thug na h‑Arabaich da ionnsaigh sprèidh, seachd mìle agus seachd ceud reithe, agus seachd mìle agus seachd ceud boc-goibhre.

Agus an dèidh nan nithean seo thàinig clann Mhòaib, agus clann Amoin, agus maille riu cuid de na h‑Edomaich, an aghaidh Iehosaphait gu cath.

Agus thog Udsiah tùir ann an Ierusalem aig geata na h‑oisne, agus aig geata a’ ghlinne, agus aig an oisinn, agus dhaingnich e iad.

Agus chog e ri rìgh chloinn Amoin, agus thug e buaidh orra. Agus thug clann Amoin dha air a’ bhliadhna sin fhèin ceud tàlann airgid, agus deich mìle tomhas cruithneachd, agus deich mìle tomhas eòrna. Seo thug clann Amoin seachad dha, araon air an dara bliadhna, agus air an treas.

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Agus nuair a thig thu am fagas thall fa chomhair chloinn Amoin, na buin gu naimhdeil riu, cha mhò a bheanas tu riu: oir cha toir mi dhut sealbh sam bith de fhearann chloinn Amoin, a chionn gun tug mi e do chloinn Lot mar sheilbh.

An sin chaidh Nahas an t‑Amonach suas, agus champaich e an aghaidh Iabeis-ghilead: agus thubhairt uile dhaoine Iabeis ri Nahas, Dèan coicheangal rinn, agus nì sinne seirbhis dhut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan