Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 26:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuidich Dia leis an aghaidh nam Philisteach, agus an aghaidh nan Arabach a bha nan còmhnaidh ann an Gur-bàal, agus nan Amonach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche de na ceannardan, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhut, agus sìth dod luchd-cuideachaidh: oir tha do Dhia a’ còmhnadh leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad nan ceannardan na buidhne.

Agus thàinig iadsan a tha sgrìobhte air an ainm, ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus bhuail iad am bùthan, agus na h‑ionadan-còmhnaidh a fhuaireadh an sin, agus chuir iad as dhaibh gu tur gus an là‑an‑diugh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite; a chionn gu robh ionaltradh an sin dan treudan.

Agus chuidicheadh leo nan aghaidh, agus thugadh thairis nan làimh na Hàgaraich, agus iadsan uile a bha maille riu: oir dh’èigh iad ri Dia anns a’ chath, agus dh’aontaich esan len guidhe, a chionn gun d’earb iad as.

Oir thuit mòran sìos air am marbhadh, a chionn gu robh an cogadh o Dhia. Agus ghabh iad còmhnaidh nan àite gu ruig am braighdeanas.

Agus chaidh Asa a‑mach na aghaidh, agus chuir iad an cath an òrdagh ann an gleann Shephatah aig Maresah.

Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.

Agus thug cuid de na Philistich tìodhlacan do Iehosaphat, agus airgead cìse: mar an ceudna thug na h‑Arabaich da ionnsaigh sprèidh, seachd mìle agus seachd ceud reithe, agus seachd mìle agus seachd ceud boc-goibhre.

Agus an dèidh nan nithean seo thàinig clann Mhòaib, agus clann Amoin, agus maille riu cuid de na h‑Edomaich, an aghaidh Iehosaphait gu cath.

Uime sin bhrosnaich an Tighearna an aghaidh Iehoraim spiorad nam Philisteach, agus nan Arabach, a bha làimh ris na h‑Etiopaich:

Ach mas àill leat imeachd, dèan; bi làidir airson a’ chatha; bheir Dia ort tuiteam ron nàmhaid; oir tha Dia comasach air còmhnadh a dhèanamh, agus air tilgeadh sìos.

Oir leatsa ruith mi tro bhuidhinn, agus lem Dhia leum mi thar balla.

Na dèan-sa gàirdeachas, O uile Phalistìna, a chionn gun do bhriseadh slat an fhir a bha gad bhualadh: oir o fhreumh na nathrach thig a‑mach rìgh-nathair, agus is toradh dhi nathair theinnteach itealach.

Uime sin air dhomh còmhnadh fhaotainn o Dhia, bhuanaich mi gus an là‑an‑diugh, a’ dèanamh fianais don bheag agus don mhòr, gun nì air bith a labhairt ach na nithean sin a thubhairt na fàidhean agus Maois a bha gu teachd;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan