Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 26:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’iarr e Dia ann an làithean Shechariah, a theagaisg e ann an eagal Dhè: agus fhad is a dh’iarr e an Tighearna, thug Dia air soirbheachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Chunnaic mi aisling, agus chan eil neach ann a dh’eadar-mhìnicheas i: agus chuala mi air a ràdh mud thimcheall-sa, nuair a chluinneas tu aisling, gur aithne dhut a h‑eadar-mhìneachadh.

Agus thubhairt Phàraoh ra sheirbhisich, A bheil e an comas dhuinn a leithid seo de dhuine fhaotainn, anns a bheil spiorad Dhè?

Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna: a rèir nan uile nithean a rinn Udsiah a athair, rinn esan.

A‑nis uime sin, a mhic, gu robh an Tighearna maille riut, a‑chum gun soirbhich thu, agus gun tog thu taigh an Tighearna do Dhia, mar a labhair e mud thimcheall.

An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.

Agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah: oir bha an tìr sìochail, agus cha robh cogadh aige anns na bliadhnachan sin; oir thug an Tighearna fois dha.

Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

Agus rinn Iòas an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna rè uile làithean Iehoiada an sagart.

Ach mas àill leat imeachd, dèan; bi làidir airson a’ chatha; bheir Dia ort tuiteam ron nàmhaid; oir tha Dia comasach air còmhnadh a dhèanamh, agus air tilgeadh sìos.

Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir gach nì a rinn Amasiah a athair.

Agus dh’fhàs Iotam cumhachdach, a chionn gun do dheasaich e a shlighean am fianais an Tighearna a Dhia.

Thòisich Heseciah air rìoghachadh nuair a bha e còig-bliadhna-fichead a dh’aois, agus rìghich e naoi-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Abiah, nighean Shechariah.

Chuir Heseciah seo fhèin mar an ceudna stad air sruth uisge uachdarach Ghihoin, agus thug e sìos dìreach e a làimh na h‑àird an iar do bhaile Dhaibhidh. Agus shoirbhich Heseciah na obraichean uile.

Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.

A‑thaobh nan ceathrar chloinne seo, thug Dia dhaibh eòlas agus tuigse anns a h‑uile fòghlam agus gliocas: agus bha tuigse aig Daniel anns na h‑uile sheallaidhean agus bhruadairean.

Ann an treas bliadhna Chìruis rìgh Phersia, dh’fhoillsicheadh nì do Dhaniel (dom b’ainm Beltesasar), agus bha an nì fìor, agus mu thimcheall feachd mhòir; agus thuig e a’ chùis, agus bha e eòlach anns an t‑sealladh.

An sin bha an diamhaireachd air a foillseachadh do Dhaniel ann an sealladh anns an oidhche: an sin bheannaich Daniel Dia nèimh.

Agus chuala mi dod thaobh-sa gur urrainn thu brìgh a thoirt à nì, agus ceistean fhuasgladh; a‑nis mas urrainn thu an sgrìobhadh a leughadh, agus a bhrìgh fhoillseachadh dhòmhsa, èidichear thu le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir mud mhuineal, agus is tu an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.

Ciod a nì mi riut, O Ephraim? Ciod a nì mi riutsa, O Iùdah? Oir tha ur maitheas mar neul maidne, agus mar an drùchd moch, a shiùbhlas air falbh.

Agus èiridh daoine dhibh fhèin, a labhras nithean fiara, a‑chum deisciobail a tharraing nan dèidh fhèin.

A‑mhàin bi‑sa làidir agus ro‑mhisneachail, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhut: na tionndaidh uaithe a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, a‑chum gun soirbhich leat anns gach àite don tèid thu.

Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd-smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic.

Agus rinn an sluagh seirbhis don Tighearna rè uile làithean Iosua, agus uile làithean nan seanair a mhair beò an dèidh Iosua, a chunnaic uile obraichean mòra an Tighearna, a rinn e airson Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan