Sia-bliadhna-deug a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà‑bhliadhna-dheug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iecholiah o Ierusalem.
Sia-bliadhna-deug a dh’aois bha Udsiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑bhliadhna-dheug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iecoliah o Ierusalem.
Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Udsiah a athair; gidheadh cha deachaidh e a‑steach do theampall an Tighearna, agus bha an sluagh fhathast truaillidh.